Òran Màiri Dhall (Och nan och, tha mi fo mhulad)

Màiri, born 1841, was a daughter of Murdo Maciver and Mary nee Morrison, of Pabbay, 11 Kneep and later 25 Valtos.  She emigrated to the United States and while there suffered greatly with homesickness and composed the song Och nan och, tha mi fo mhulad.  According to tradition she lost her sight with the associated weeping but it is more likely that her blindness was caused by some substance used in her daily work in a laundry.   Màiri did eventually return home to Uig.  Her grandfather Norman Morrison was also blind, a consequence of his service in Egypt with the Ross-shire Buffs (78th).

Does anyone know more verses than these nine?

Nuair a rinn mi airson fàgail
Fhuair mi beannachd mo chàirdean
Ghabh mi ’n t-aiseag air a’ bhàt’
Gu ruig’ sàil nam beann mòr.

Och nan och, tha mi fo mhulad
Dhomhsa tha mo chòmhradh duilich
’S cruaidh an càs ach ’s fheudar fhulang
’S mi fuireach ann an coille mhòir.

Nuair a thàinig mi air fòrladh
A dh’Amearagaidh a chòmhnaidh
Chunnaic mi a’ sin luchd eòlais
Anns gach dòigh sa robh iad ann

Bean Aonghais Bhig, or How Angus Beag Got his Wife

Brenish

 

As told by Rev Donald Macaulay.  English text follows the Gaelic.  Photo of Brenish by Chris Murray.

 

Bha an cogadh a dol bliadhnaichean agus am màrbhadh eadar Clann ‘ic Leòid, Clann Choinnich agus na Moireasdanaich agus an deidh dha Clann Choinnich an t-eilean fhaiginn mu dheireadh dhaibh b’fhèin agus thàinig siothladh de shìth anns an eilean an uairsin.  Ach cha tugadh fìr Ùig gèill do chlann Choinnich idir gu h-àraidh am fear a bh’air an ceann – Dòmhnall Cam.  Cha b’e Sìthphort a bh’ann ach MacCoinnich eile – bha Sìthphort airson sìth anns an eilean.  Bha Oighreachd mhòr aige air a’mfor-thìr agus ‘s e a’siamarlan a bh’airge air a mhor-thìr duine uasal eile ris an canadh iad Alasdair MacCoinnich, Achilty de theaghlach uasal.  ‘S e daoine de’n seòrsa sin gle thric a bha nan siamarlan, gu h’araidh anns na h-oighreachdan mòra.  Bha Sìthphort agus clan Amhlaigh air a bhith cogadh cho fada agus mu dheireadh thainig e gun cho-dhùnadh nach dèanadh iad rèit a chaoidh.  Thug e a nall Alasdair MacCoinnich gus an tigeadh e gu Dòmhnall Cam airon Cùmhnant sìth a dhèanamh ris.

 

‘S e an cumhnant a bha e a’dol a dhèanamh ri Dòmhnall Cam gum faigheadh a h-uile duine a bh’ann an Ùig an talamh mar a bha iad roimhe sea bho Mhacleòid agus nach cuireadh duine dragh orra a chaoidh fhad’s a dheanamh iad síth ri Clann Choinnich.  A thilleadh air a sin, gu’n toireadh Achilty a nighean aige do mhac Dòmhnaill Chaim airson a pòsadh.  ‘S i seo Anna.