• Òran Màiri Dhall (Och nan och, tha mi fo mhulad)

    by  • 4 July 2008 • Bàrdachd, Emigration, Gàidhlig, History • 5 Comments

    Màiri, born 1841, was a daughter of Murdo Maciver and Mary nee Morrison, of Pabbay, 11 Kneep and later 25 Valtos.  She emigrated to the United States and while there suffered greatly with homesickness and composed the song Och nan och, tha mi fo mhulad.  According to tradition she lost her sight with the associated weeping but it is more likely that her blindness was caused by some substance used in her daily work in a laundry.   Màiri did eventually return home to Uig.  Her grandfather Norman Morrison was also blind, a consequence of his service in Egypt with the Ross-shire Buffs (78th).

    Does anyone know more verses than these nine?

    Nuair a rinn mi airson fàgail
    Fhuair mi beannachd mo chàirdean
    Ghabh mi ’n t-aiseag air a’ bhàt’
    Gu ruig’ sàil nam beann mòr.

    Och nan och, tha mi fo mhulad
    Dhomhsa tha mo chòmhradh duilich
    ’S cruaidh an càs ach ’s fheudar fhulang
    ’S mi fuireach ann an coille mhòir.

    Nuair a thàinig mi air fòrladh
    A dh’Amearagaidh a chòmhnaidh
    Chunnaic mi a’ sin luchd eòlais
    Anns gach dòigh sa robh iad ann


    Chunnaic mi a’ sin na càirdean
    ’S daoine nach robh idir blàth rium
    Bidh mi cuimhneachadh na dh’fhàg mi
    Tarraing ràmh sa seatadh seòl.

    Bidh mi cuimhneachadh Sgìr’ Uige
    Far a bheil na daoine cliùiteach
    ’S tric a dh’fhàg sin mo shùilean
    ’S ’ad a’ sileadh driùchdan deòir.

    ’S tric mi cuimhneachadh na h-àrmuinn
    Bhiodh cho snasail Là na Sàbaid
    Clann-nighean òg bu bhinne gàire
    Tighinn air fàire Stiogha Mhòir.

    ’S beag bha dhùil agam an uairsin
    Gun tiginn a-null thar chuaintean
    Far eil iomadh seòrsa truailleadh
    Gu bhith buaireadh a’ chrìdh’ òig’.

    Far eil Èireannaich is Frangaich
    Agus Sasannaich na Galldachd
    Daoin’ aig a bheil ioma cainnt’
    Nach tuig mo cheann-sa ri mo bheò.

    Ach thèid mis’ air ais do Leòdhas
    Àite còmhnaidh, seasmhach, bòidheach
    Mairidh mi gu crìoch mo là ann
    ’S gheibh mi sòlas ann ri m’ bheò.

    Share
    PrintFriendlyTwitterFacebookDeliciousDiigoEmailShare

    5 Responses to Òran Màiri Dhall (Och nan och, tha mi fo mhulad)

    1. Margaret Stewart
      10 January 2011 at 7:39 am

      Would you be able to answer any of the following questions for me?

      1. Did Mairi Dhall emigrate with family?
      2. Was she married and did she have children?
      3. If she had children, did they return to Lewis with her?
      4. Would you know which part of the United States she emigrated to?

      • 11 January 2011 at 9:41 am

        Moran taing for the further verses!

        There are a lot of questions hanging over Mairi Dhall, which we’ve so far been unable to pin down definitive answers too, not least whether it was Canada or the US she went to (or both). I believe there are no descendents in Lewis – but we have feelers out looking for more detail.

        • Pat
          27 January 2011 at 12:05 am

          Mairi Dhall was Tomally’s father (Tochie)’s grand auntie. we beileved she emigrated to America. Shona ‘s grampa’s grand auntie.

    2. Margaret Stewart
      10 January 2011 at 8:03 am

      Nuair a’ rinn mi airson fàgail
      Fhuair mi beannachd bho mo chàirdean;
      Ghabh mi ‘n t-aiseag air a’ bhàta
      Gu ruige sàile nam beann mòr.

      Och nan och tha mi fo mhulad
      Dhòmhsa tha mo chòmhradh duilich;
      ‘S cruaidh an càs ach ‘s fheudar fhulang
      ‘S mi fuireach anns a’ choille mhòr.

      Nuair a thàinig mi air fòrladh
      A’ dh’Ameireagaidh a’ chòmhnaidh;
      Chunnaic mi an sin luchd-eòlais
      Anns gach dòigh san robh ‘ad ann.

      Chunnaic mi an sin na càirdean
      ‘S daoine nach robh idir blàth ruim;
      Bidh mi cuimhneachadh na dh’ fhàg mi
      Tarraing ràmh ‘s a’ seatadh sheòl.

      Bidh mi cuimhneachadh Sgìr’ Ùige
      Far a’ bheil na daoine cliùiteach;
      ‘S tric a dh’fhàg sin mo shùilean
      Iad ri sileadh driùchdan deòir.

      ‘S tric mi cuimhneachadh nan àrmainn
      Bhiodh cho snasail Là na Sàbaid;
      Clann-nighean òg bu bhinne gàire
      Tighinn air fàir’ an Stiogha Mhòir.

      Cuimhneachadh nam beanntan riabhach
      Air am moch a’ dh’èireadh grian oirr’S
      ‘S iomadh madainn ‘s oidhche bhrèagha
      bha mi annta riaghladh bhò.

      Cuimhneachadh nam beanntan dùbh-ghorm
      Far am biodh na fèidh gu dlùthmhor;
      Far am biodh gach eun a shiùbhladh,
      ‘S iad a’ crùbadh mu na lòin.

      Cuimhneachadh na h-eòin tha glè-gheal
      An cois na mara ‘s air na slèibhtean;
      ‘S iomadh madainn bhrèagha Chèitein
      A’ dhùisgeadh iad mi fhein le ‘n ceòl.

      ‘S iomadh madainn bhòidheach shamhraidh
      Bhithinn a’ ruith nan cnoc ‘s nan gleanntan;
      ‘S beag bha dhùil agam san àm sin
      Thighinn a-null a’ seo rim bheò.

      Is beag bha dhùil agam an uair sin
      Gun deidhinn’sa a-null thar chuaintean;
      Far bheil iomadh seòrsa truaillidh
      Gu bhith buaireadh a’ chridh’ òig.

      Far bheil Èireannaich is Frangaich
      Agus Sasannaich na Galldachd;
      Daoin’ aig am bheil iomadh cainnt
      Nach tuig mo cheann-sa ri mo bheò.

      Far bheil iomadh seòrsa daoine
      A’ cruinneachadh às gach rioghachd;
      O, gur tric a bhios mo smaointinn
      Air an tìr san robh mi òg.

      Faire, faire Dhòmhnaill Aonghais
      Tha thu nis a’ togail d’ iomraich;
      ‘S ma gheibh thu do chas gu tiormachd
      Cha toir thu dhachaigh iomradh còir.

      Tha thu dol dhachaigh chun na crùbaig,
      Chun na giomaich, b’ e do dhùrachd;
      ‘S cha till thu air ais an taobh seo
      Fad na h-ùine bhios tu beò.

      Nuair a ruigeas tu na càirdean
      Cruinnichidh iad às gach àite;
      Gabhaidh iad dhiot naidheachd Màiri,
      Càit na dh’ fhàg thu i na beò.

      Chan urrainn dhut nì a ràdh riuth’,
      Chan fhac thu mi o chionn sia ràithean;
      Ach thoir deagh mhisneachd gu mo mhàthair
      Mu ‘n tuit ì gu làr le bròn.

      Ach thèid mis’ air ais a Leòdhas,
      Àite-còmhnaidh seasmhach, bòidheach;
      Mairidh mi gu crìoch mo lò ann,
      ‘S gheibh mi sòlas ann rim bheò.

    Leave a Reply

    Your email address will not be published.