Sgìre Ùige

Tha Peigi Oighrig NicÌomhair (anns a mheadhan) air iomadh òrain a sgrìobhadh thar na bliadhnaichean. Rugadh Peigi air a’ Chnìp, Sgìre Uig ann an 1926 agus gu dearbha fhèin bha teanga nam bàrd a’ ruith troimh ‘n teaghlach aice. Bha grand uncle dhith ‘Dòmhnall Donn’ na bhàrd baile air a’ Chnìp na latha, agus sgìobh Aonghas Coinneach, bràthair Pheigi fhein, mòran òrain agus rannan.

no images were found

 Tha Peigi Oighrig NicÌomhair (anns a mheadhan) air iomadh òrain a sgrìobhadh thar na bliadhnaichean. Rugadh Peigi air a’ Chnìp, Sgìre Uig ann an 1926 agus gu dearbha fhèin bha teanga nam bàrd a’ ruith troimh ‘n teaghlach aice. Bha grand uncle dhith ‘Dòmhnall Donn’ na bhàrd baile air a’ Chnìp na latha, agus sgìobh Aonghas Coinneach, bràthair Pheigi fhein, mòran òrain agus rannan.

‘S e ‘Sgìre Uige’ a chiad òran a rinn Peigi ‘s i na nighean òg a’ fuireach ann an Uig. Air Latha na Sabaid as deidh dha Domhnall Donn bàsachadh, chaidh i an àrd os cionn an cnoc air cùl an taigh, agus fhad ‘s a bha i a’ coimhead a-mach air na h-eileanan agus na seallaidhean mu thimcheall oire, thàinig facail an òran thice ‘s a spot. Cha do sgrìobh i an òran sios airson bliadhnaichean as deidh sin, bha na facial glaiste na cinn.. ach thug na càirdean a bha mu timcheall oire an òran a sgrìobhadh sìos mu dheireadh thall.

Peigi Oighrig MacIver (middle) has written many songs over the years. She was born in the village of Kneep in Uig in 1926, and the gift of the bard ran through her family… Her Grand Uncle ‘Domhnall Donn’ wrote many songs and verses in his day, as did her brother Aonghas Coinneach.

Sgìre Uige was the first song Peigi wrote as a young girl living in Uig. On the Sunday after the death of her uncle Domhnall Donn, she went for a walk up the hill at the back of her house, and as she sat there taking in the views around her, the words of the song came to her in an instant. She didn’t write the song down for years after that, she said that the words remained locked in her head for a long time… but her friends and family around her eventually persuaded her to write them down.

Gu seinn mi rann mu dheidhinn an tìr
‘S an d’ fhuair mi fhèin ann m’ àrach
Gur e an àite sin Sgìre Ùige
‘S cò leis nach b’ mhionn bhi tàmh ann.

Nuair thèid mi an àrd a bhàrr a’ chnuic
Mar as tric air feasgair Sàbaid
Chì mi Riof is Bhaltos Uige
‘S a Chnìp far an d’ fhuair mi m’ àrach.

Chì mi Siarram dhomh nas fhaisg’
Bhuidheadh Mhòr ‘s gach àite
Bhacasaidh is Gob a Stuing
Is Tràigh na Beirghe lamh rium.

Chì mi faisg’ dhomh Pabaigh Mhòr
‘S i cumail taobh ri Màis-Sgeir
Sgeir Bhinneig bheag aig Gob an Tobha
‘S an fharaige beucadh àrd orr’.

‘S an ‘Gallan Uige’ muigh a tuath
‘S cha dean mi an ‘Steàrna Bheinn’ fhàgail
Na Beàrnaraidh is Caolas Uig
Far ann tric le lion is bàta iad.

Chì mi tuinn a bhòtha muigh
‘S i tighinn a steach gu sàmhach
Is air an tràigh gu toir i fuam
‘S gu sgaoil i suas le mànran.

Cò an neach leis nach bu bhinne a fuam
An tuinn ri bualladh tràigh-ad
Air tràigh a Chnìp gu toir i fuam
‘S gal cruaidh air Mol na h-Arda.

Tràigh Bhaltos agus Tràigh na Cliobh
Se shìos is suas gun tàmh orr’
Tràigh Mhangurstaidh is an Tràigh Mhòr
Le an tonnan fuar-gheall bànna

Chì thu sealladh ‘s àilidh gnùis
An Ùig nam beanntan àrda
Suaineabhal le creagan cruaidh
Is Mheallaiseal air fàire.

O ‘s iomadh neach a thug ann cuairt
‘S a mhol le uaill an àite
‘S a coimhneas blàth tha chridhe an t-sluagh
An “Eilean Uain’ na Gàidhlig”.