Seòldairean na Bàgh

Taigh Eachainn, 10 Geshader

Verses about the boys from the Bays, by Donald Macleod (Dòmhnall Eachainn) of 10 Geshader, who was born in 1874 and spent his working life in Glasgow.  This hasn’t seen the light of day for some time; thanks to the family for providing it.

Bho Ghiosladh gu Gràsabhaig
‘S h-uile h-ait ‘s na cuiltean sin
‘S na seòldairean a’dol gu sàl
An uair theid each don cùlaisdean.

An teid thu leum do Bhearnaraidh
Gheibh sinn bùntata ‘s crùbag ann
An teid thu leum do Bhearnaraidh
‘S mo lamh gu dean sinn sùgradh ann.

Donnachadh Gioslaidh ‘s Iain Màsach
Am Brace is da shuil ùr aige
‘S Seonnaidh Gorabhaig sa mhàthair
Dol air sgàth na h-ùmhlach leotha

Huìl an Giblan sa Candy
‘S cùmbaist ann san t-suil aca.
Leis cho tìc sa bha iad ann
A dhol air chàll cha bu duigh leotha e.

‘S Padruig Mòr a Ghlinne Ruaidh
A Choisinn duais na duthcha sa
Airson na gead rinn e cho cruaidh
‘S gun cualas a Ceann Chìusil i.

Murchad Eachainn na Stash fhraoich
Cha bhi an taobh uibhraich ud
‘San t-Ileach chaneil sa chonnagaig
Bho an bhuail an gaol e.

Am biorachan beag bochd an Crown
Cha bhi e ann gus a stiureachd dhaibh
Bho chionn bliadnachan na balbh
Le gluing a thug a griùthrach air

Ach siod a mach iad leis a bhàta
‘S Grasabhaig sa chùlaibh ruithe
‘S mun an toir a ghoath dhaibh fàbhar
Brag na ràmh is gruamhan aca.

Botul fion a fhluichadh paiteachd
‘S bilean blàth toirt strùpagan
Be an dreamaisg e nach deanadh gaire
Leis a phairtidh Uigeach ud.

An Candy, Huìl agus Padruig
Aodann ard nan truir aca
An Giblan is cliobag tràlhach
Deanamh dha mar ghlùinneachan.

Seonnaidh agus gloc alarm
Ann a màileid dhùinte aige
‘S pancakes le ìm na Bàgh
‘S botul làn do fhion aige.

Iain Màsach leis an fhiabhladh dhearg
Na Albannach gu chùl e dhaibh
Bu mhath do dh-àl na bruid a chalg
Th’air calpanan an t-sionnaich ud.

Donnchadh Ghioslaidh ‘s a smuain
a’dol gu bruaichean Chrùlavaig
Far am biodh e leis a ghruagaich
Mus do fhuadaich Suillidh e

Am Brace na ghille mar a b’abhaist
A toirt gaire ‘s siùcar dhoibh
‘Sa dol gu ceidhe Hacleit
Toirt solus laideir buigean dhoibh.

Na fearaidh ud a leum bho’n choit
Le uair de an gloc air dhùinn bhi riuth
Bho àm an leabhair air a chroit
‘S an Chochull a bhi g’urnigh dhoibh

A cuire a eothair thà boghal raimh
‘S a toirt sraid gu suibhlach orra
Cha mhotha orra is luchag bhaite
‘M bùntata no na crùbagan.