Lochcroistean

Norman Macleod, Am Bàrd Bochd, taught at Lochcroistean school from 1936 to 1943, and was a noted bard who composed the following about Lochcroistean and some of the people he knew there.  The last four verses constitute his song about the people of Geshader.

Lochcroistean School was in use until the new Uig school opened at Timsgarry in 1972.  The building housed the Comann Eachdraidh museum for many years and is now a cafe and visitors’ centre.

Lochcroistean from Ollashal

Air sgiathan m’ inntinn siùbhlaibh mi

Do ghleann tha àillidh ciùin,

Is tillidh trian de m’ òige rium

Is triallaidh trian de m’aois

An dìomhair smuain thèid mi air chuairt

Le aoibhneas cuimhne blàth

Do ghleann a dh’fhàg a dhealbh nam chrìdh’

Lochroistean anns na Bàigh.

Tha ìocshlaintean s an t-sàmhchair ann

Is slàinte ruit a ghlinn;

Tha tàladh sìor is bàrdachd

Ann am piurbraich bhreac na uillt;

‘S nuair thilleas mais’ is dìomhaireachd

a shamhraidh cheòlmhor eun

Bidh coilich fraoich ri dùrdail

Is ri tùchan air gach sliabh.

Ged ’s suas ri fichead bliadhna nis

Bho thriall me dian na dhàil

Tha tharraing shuilbhir thiamhaidh

A’ ruith m iarrtasan a ghnàth;

Ach ged is maiseach buadhmhor e

Le bheanntan uallach àrd

‘S e mhuinntir sheirceil uasal

Tha toirt gluasad orm gu dàn.

Cha dèan mo chomas bàrdachd sa

Am feartan chur an cainnt,

‘S na subhailcean bha fàs riutha

Gu nàdarrach nan glinn;

Làmh fhosgailte ‘s an gàirdeachas,

An càirdeas is an dàimh

‘N toil-inntinn choibhneil blàth-chridheach

A’ fàilteachadh nan aoigh.

Gur tric mi n diugh a’ cuimhneachadh

Air suinn bha leam ann uair,

An duinealas ‘s an aoibhealachd,

An àbhachdas gun fhuath;

An t-Ìleach seòlta àmhailteach,

‘S Macneill na h-euchd cur ruaig

Air a Lion shìos an Gràsabhaig

‘S air Pàdraig a’ Ghlinne Ruaidh.

Gur tric me leis a’ Choisich

Chon nan creige bheirinn sgrìob

Cho sèimh na chainnt ‘s na dhòighean rium

Ri teachdaireachd na sìth;

‘S a’ tilleadh gu a dhachaidh leinn

An t-iasgach lom no làn,

Bhiodh làmh-gun-dearmad Mhàiri

Ga ar fàilteachadh le gràdh.

‘S tha Aonghais còir air triall uainn –

An nàbaidh bha dhomh dlùth

Fear èasgaidh sgileil dèanadach

Na ghiomharan ‘s na chliù;

‘S ma thadhaileas mise chaoidh rim bheò

Blàth aitreabh air a raon

Bith tathasg a shòlasan

Tighinn beò dhomh air gach taobh

Is ged tha cuid de m’ nàbaidhean

Gun àite an seo nam dhuan

Tha n conaltradh ‘s an geur chainnte

Ri g èiridh tric nam smuain

Is fhad s a mhaireas làithean rium

Is cuimhn’ an àit’ tighinn beò

Bidh ‘n càirdeas caomh ri deàlradh dhomh

Mar reul nan àrd nan glòir.