A h-Uile Latha Chì’s Nach Fhaic

Memories of the shieling and the village he left behind – written by Donald Maclennan, Dòmhnall Mhurchaidh Dhòmhnaill a Sguthair, 24 Valtos, who emigrated to America.

A h-uile latha chì ‘s nach fhaic
‘S a h-uile latha chì sinn
Deoch-slàinte mo chaileag nì mi òl
A h-uile latha chì sinn

Ag cuallach bhò air cùl nam beann
Gu cridheil, bàidheil, sunndach
Bha Sìne, ‘s Seonag ‘s Oighrig ann
‘S mo Mhàiri laghach bhòidheach.

Bu shona bha mi là ‘s dh’oidhche
Nam shìneadh ri gach nìghneag
Le Anna bheag ‘s Màiri Bàb
An airidh bheag na Trianaid.

An nochd bu mhiann leam a bhith ann
Air gleann Scanadail a’ còmhnaidh
Ag èisteachd òrain ‘s puirt air beul
Cairistiona, nighean Iain Dhòmhnaill.

‘S Anna bhàn gan tug mi gràdh
‘S I maighdinn a bha ceòlmhor
Aig ceann na clèith a’ luath a’ chlò
‘S nach tugadh smeòrach buaidh oire.

Mo bheannachd aig gach beann ‘s gleann
Mo chridhe trom ‘s mi seòladh
Mo shoraidh slàn aig luchd mo ghràdh
‘S nach fhaic mi chaoidh ri m bheò iad