Amhran Lord Lever, le Domhnall Donn
Chaidh an amhran seo a dhèanamh an deidh a Chogaidh mhòir an uair a thoisich iad a’briseadh sios nam bàiltean ùra. Bha Domhnall Donn, mar a bha a’ chuid mhòr an Uig, airson Lever agus a’ smaoineachadh gu robh e dèanamh ceart agus a’ toirt obair dhan an eilean. Bha torr an Uig ag obair timcheall Steòrnabhaigh.
This song was composed after the Great War when they began breaking down the new villages. Domhnall Donn (Donald Maciver, b. 1862) of Kneep was, like many in Uig, a very strong supporter of Leverhulme, and believed that he was doing right for the Island bringing employment. A lot of Uig people were employed around Stornoway.
Chuala sinn gun laigh an eucòir
Ann an lèig air muin nan coir
Thug e an ceartas dubh a leum às
Chuir e an eucoir fon a bhròig
Thug e dhachaigh thugainn ‘Lever’
Dh’fhuadaich e na caoraich mhòr
’S thug e ceartas do na daoine
leis am faod iad a bhith beò.
Tha laghan ùr a gabhail àite
Anns an latha ’sa bheil sinn beò
Tha na glinn an diugh ’gan àiteach
‘S chaill na Tàillich orra an coir
Ach, Alasdair, ma ’s tu tha riaghladh
Na leig dichuimhn’ air a choir
Leig a chlìb ag cur ‘na stiallan
‘S bheireadh sianar aist’ bi-beò.
Bha ‘Lever’ gu math ri dhèanamh
Bha e a’ riaghladh ceart gu leòr
Thug e buannachd as an t-siabann
‘S fhuair na ceudan às bi-beo
Thug e laghan do ar dùthaich
Ris nach robh dùil aig duine beò
Dh’fhuadaich e na slatan-sgiùrsaidh
‘S tha sgìre Uige mar bu choir.
Nach robh ‘Lever’ dhuibh a’ sealltainn
Gu robh ann dhuibh Cridhe blàth
Thug e dhachaigh lagh na Galldachd
Chur e’n gamhlas fo’n an fhàd
‘S eadar Mialastadh ‘s Gabhsan
Theid a planntraigeadh gach àite
‘S chan eil baile bàn a Leòdhas
Nach bi tighinn ann ‘s iad bàn.
O, ‘s iomadh cridh’ thug osna thùrsach
Ag caoidh na flùran a bha ann
Chlunnaist iad a’ seinn ‘s ag ùrnaigh
‘S iad a muigh air cùl nam beann
Chuala sinne bho ar càirdean
‘S iad a’ bruidhinn ‘nuair bha iad ann
mar a bha iad fhèin is Pàdruig
Aig an t-sacramaid ‘s a’ ghleann.
O, ’s iomadh athair, ‘s iomadh mathair
Bha gu làr a silleadh dheòir
An uair a dh’fhuadaicheadh ‘s an àite iad
Anns an deach an àrach òg
Chuala sinne bho ar càirdean
Mus do dh’fhàs sinn gu bhith mòr
Gun laigh mallachdan an àite
Air na dh’fhàsaich Buidha Mhòr.
Ach cha toir ‘Lever’ car dhuinn tuilleadh
Gu dè an nis an ni an t-àl òg
Thug na tràlairean an t-iasg bhuap’
Chan eil rian aca bhith beò
Sgabaidh iad mar eoin na h-iarmailt
Fear an ‘s ear as iar ‘san lòn
‘S a chaoidh cha choinnich iad ri cheile
far na rinn iad èiridh òg.