O Tha Mi Dol Dhachaidh gu Eilean mo Ghràidh
A song by Peigi Eiric Smith, Kneep, which was performed at our Good Night Out in Uig last Friday.
O tha mi dol dhachaidh gu Eilean mo ghràidh
A dh’ionnsaidh a’ bhaile ‘s an robh mi nam’ phàisd’
a dh’fhaicinn gach machair gach loch agus tràigh
‘S mi’n duigh iomadh mile bho dhuthaich mo ghràidh.
‘S mi’n duigh ann an Glaschù am aile nan smùid
Far’eil iomadh cuir-seachad ‘is fasannan ùr
Ach lùiginn dhol dhachaidh ged b’e beagan ùin’
Do’n àit’ tha dhomh tlachdmhòr measg beanntan Sgir Uig.
‘Nuair chi mi a’ ghealach ri dealradh ‘s na niùil
Gur h-I an aon ghealach a th’ac’ ann an Uig
Bithidh m’inntinn fo fhadachd ‘s na deoir riuth bho’m shùil
Toirt smuain gu mo dhachaidh ‘s gu bailtean mo ruin.
Tha daoine ann cho coibhneil ‘s a geibheadh tu an àit’
Na fardaichean coibhneal le’n cagailtean blàth
Cha bhith dìth ort a chaoidh ann, gheibh strainnsear ann fàilt
Bithidh cairdeas ‘is coibhneas ‘s na glinn ud gu bràth.
Thoir bhuam-sa ceud soiridh a null thar an t-sàl
A dh’eilean nam beannaidh, na’m bealach ‘s nan carn
A dh’ionnsaidh mo dhachaidh ‘s gach neach th’innte tàmh
Far am bu shòlasach m’òige an Creagan na Tràghad.
Peigi Eiric Smith