Marbhrann air Iain Moireasdan

By Peggy Eiric Maciver, Kneep; an elegy for Iain Morrison, son of Angus Morrison of 13 Reef who was a policeman in London. Iain emigrated to Canada and was killed in a mining accident in 1970.

Marbhrann air Iain Moireasdan, Uig agus Lunnainn, a chaochail an Canada.

Iain ‘s mòr an àmhghair rinn do bhàs a chur mu’n cuairt
‘Nuair thig guth a’ bhàis chan ‘eil càil a bheir air buaidh
Dha do bhràthair ‘s do phàrantan bha am buille cràiteach cruaidh
‘Na d’òige leis an t-slàinte bhi gad chàireadh anns an uaigh.

Riamh bho chuir mi eòlas ort ‘nad òige ‘g èiridh suas
Gur tric a bhiodh tu còmhla ruinn aig iomadh seòrsa uair
Chan fhasas riamh ach dòigheail thu ‘s bròn cha bhiodh ort uair
‘S dh’fhàg siud iomadh eòlach sileadh dheòirean air an gruiadh.

Ged rugadh tu an Sasuinn cha d’thug thu riamh dha càil
‘Sann bha do chridhe ‘s d’iarratas an Leòdhas nam beann àrd
Mòr-chuis cha robh riamh ort; ‘s gach latha le fiamh a’ghàir’
Bi cuimhne ort rèidh nam bliadhnaichean, ‘s cha tig di-chuimhne ort gu bràth.

Chaidh thu null a Chanada air son beatha b’fheàrr
Ach thug thu cuairt a nall as; ‘s thàinig tu shealltuinn oirnn gun dàil.
Cò aig bha dùil ‘s an am sin gu robh ceann do bheatha làmh
Tha thu ‘n diugh air d’amhlaigeadh aig ceann na h-ataireachd àrd.

Tha an fhìrinn dhuinn a’ sealltuin nach ‘eil ann ach gnothaich Dhè
Ged ‘s luath na mall e, gu ruig sinn ceann ar rè
Chan ‘eil sinn anns an t-saoghal-sea ach beagan ùin’ gu leir
‘S ‘nuair bhios ar turas crìochnaichte bithidh sinn uile triall ad dhèigh.