Sgìre Ùige
Tha Peigi Oighrig NicÌomhair (anns a mheadhan) air iomadh òrain a sgrìobhadh thar na bliadhnaichean. Rugadh Peigi air a’ Chnìp, Sgìre Uig ann an 1926 agus gu dearbha fhèin bha teanga nam bàrd a’ ruith troimh ‘n teaghlach aice. Bha grand uncle dhith ‘Dòmhnall Donn’ na bhàrd baile air a’ Chnìp na latha, agus sgìobh Aonghas Coinneach, bràthair Pheigi fhein, mòran òrain agus rannan.