Hi Ho Ro Tha Mi Duilich

This song of lament for the people and places of Uig was written by Donald Morrison, born 1858 to 3 Valtos, who left Uig in 1886 and settled in Winnipeg.  Donald had been involved in the land struggle in the early 1880s and tradition maintains that he had to leave as things were getting too hot for him.  With him went his cousin, Angus Macleod from Crowlista.

Hì ho ro tha mi duilich, tha m’ aigne fo ghruaim
Bho ràinig mi Canada fhrasach an fhuachd
Gun chaill mi an riobhadh a bha na mo ghruaidh
‘S an-diugh tha mo shnuadh air caochladh.

Tha cuimhne agam fhathast nuair bha mi glè òg
Dol suas an Stiodha dhan eaglais mhòir
Measg òigridh bha tapaidh is snasail nan dòigh
‘S an-diugh tha gu leòr fon ùir dhiubh.

Tha cuimhne agam fhathast nuair bha mi leam fhìn
A-muigh as a’ mhonadh ri toirt na sgrìob
A shealltainn air mo leannan bha muigh leis an nì
Agus dùil agam fhìn a pòsadh.

Nuair thig an t-earrach ‘s e àm dhol dhan tràigh,
Bidh iomadach bodach le chorran an sàs
Bidh iomadach bodach le chorran sna càirn
Is ìghneagan bàn an t-sùgraidh.

Nuair thig an samhradh àm dhol le sprèidh
A-mach dhan a’ mhonadh fo sgàil nam beann mòr
Bidh iomadach gruagach le buarach na dòrn
Eadar Codainn na mòr bheann ‘s Druim Thùsbaig.

‘S iomadh langa agus bradan a thàinig dhar n-àite
A-steach bhon a’ Ghallan ‘s bho Strathan na Steàrr
Cha robh duine as a’ bhaile nach fhaigheadh dhiubh pàirt
B’ e fasan ar n-àite bho thùs e.

Ged thillinn sa dhachaigh a Bhaltos mo ghràidh
Chan fhaic mi na bodaich bh’ ann na mo là
Aonghas Ruadh, Gille Moire, An Learach ‘s Iain Bàn
An Gobha ‘s an Tàillear Crùbach.