Mealisbhal

A Mhealisbhal bhòidhich ‘s do mhullach air chòmhdach
Le uisge agus ceò agus frasan de d’fhuachd
Bho làithean m’ òige bha mise ort eòlach
‘S tu ag èirigh cho còmhnard os cionn a’ Chuan Siar.

Cha robh maidne a dh’eirinn nach fhaicin do shlèibhtean
Do ghillean ‘s am beulan’s iad daonnan bho ghruaim,
‘S e sealladh tha gleusta gad amharc ‘s a’ Chèitean
‘S a’grian, an àm èirigh ri lasadh do ghruaidh.

Air feasgar an t-sàmhraidh ‘s a’ghrian ort a soillseadh
‘S a’chur dathan tha grinn, a chluich air do chòir.
Cò an t-sùil nach biodh coibhneil nuair chì iad am bòidhche
A thogais dheibh claoidh agus sgìos agus bròn.

Air oidhche anns a’ gheamhraidh le sneachd ort na dhùimhneachd
Biodh d’aodann ri soillseadh man airgead is òir,
Le gealach na h-oidhche a cur dreach agus lòinn ort
‘S i seòladh gu cruinn os do chionn as na neòil.

‘S iomadh linn a chaidh seachad a bha g’amharc air d’mhaise,
‘S iomadh linn a thig fhathast a dhiubh fasgadh ri d’ thaobh.
Tha thu daonnan nam shealladh gach latha a thèid seachad.
‘S tu bheinn ‘s arda ‘s maisich a tha’n Eilean a’ Fhraoich.

– gun urra