A Dol Chun an Iasgaich
Seo mar a dh’innis Cairistiona Dhòmhnallach, 25 Crabhlastadh mar a bhiodh i a dol chun an iasgaich na h-oige.
See the English translation here.
Nuair a bhiodh sinn a dol a dh’fhalbh chun a Sgadain airson a’ chiad uair dh’fheumadh sinn an toiseach Màighstear a lorg. ‘S e clann-nighean eile a bhiodh a dèanamh sin dhuinn. Bha sinne deònach falbh nan gabhadh e sinn ach dh’fheumadh sinn innseadh nach robh sinn a muigh a riamh. Nan gabhadh e sinn a1 falbh le ainm an fhir sin gan àite gu robh sinn a dol. ‘S ann a dh’Eilean Bhaltel a chaidh mise an toiseach. Bha am màighstear a toirt dhuinn aon not airson ar ceangal agus dh’fheumadh sinn a dhol thigesan. Sin and rud ris an canadh airlis.
Chaidh mise a dh’Eilean Bhaltey – bha Baltasound mar coinneamh. A’ chiad bliadhna ‘s ann a dh’fhalbh mise à Steòrnabhagh air a’ steamar gu Sealltainn – gu Lerwick. Bha sinn a’ faighinn steamar bheag ann a Lerwick an uairsin a dh’Eilean Bhaltey. Bhiodh sinn nar sineadh le cuir-na-mara. Bhithinn-sa ‘na mo shineadh anns an treana ‘s anns a’steamar. Bha mi fhein agus a chuid mhòr dhe’n a’ chlann-nighean eile a cur-a-mach – dh’aithnicheadh sinn na h-Eileanan Mòra a nuair a ruigeadh sinn iad – bha a h-uile tè an uairsin a tòiseachadh a’ gòmadaich.
Cha bhiodh iad a toirt dhuinn ach madainn an dèidh ruighinn a muigh gun cuireadh iad a sàs sinn – se sin nan tigeadh an sgadan. Bhiodh sinn a cuir air dòigh an taighe ‘s na soitheachain – cha bhiodh na cisteachan againn air ruighinn cho luath rinn fhein. Bha sinn a toirt leinn a’s an t-Samhradh aodach na leapa-plàide agus an aodach a bhiodh oirnn. Dh’fheumadh a h-uile càil den an aodach ‘s de’n na brògan a bhith anns a’ chiste. Bhitheadh sinn a toirt leinn rudan a Steòrnabhagh às na bùthtean gun tilleadh sinn. ‘S e sinn fhein a bha ceannach na h-oilisginn is nam brògan ‘s a fagail ar n’àinm aca. Cha robh fiuths an aodach a bhiodh sinn a cur mu na corragan – an t-annart buidhe – “yellow calico” nach robh sinn a toirt leinn.
Bhiodh sinn a’ fuireachd ann a seada fiodha, bha rud beag de stòbha ann, sin na bh’ann nuair a ruigeadh sinn gus an toireadh iad dhuinn rudan – a reir ‘s mar a bhiodh – mas e triùir a bha gu bhith anns an rùm ‘s e sinn urras a bha iad dol a dh’fhaighinn – ‘s màithte gu faigheadh iad an uairsin bòrd, ach ‘s ann air na cisteachan a bhiodh sinn a suidhe – ‘s iad suas air beul na leapa. Bha dà leabaidh anns na seadaichean aig ceann a cheile. Bha sinn a faighinn gual bhon a’ mhàighstear. Bha tè mu seach den chlann-nighean a’ dèanamh na cocaireachd ‘s a nighe na soitheachan. Bhiodh sinn a’ ceannach na soitheachan, sgàthan agus lampa nuair a ruigeadh sinn a muigh. Bha sinn a’ ceannach a h-uile cail a bha an taigh ag iarraidh ‘s a roinn sin a mach agus a ruds a thigeadh “air do luck”, bha crann dha chuir air a sin an uairsin – a h-uile càil air leth nan tigeadh na soitheachan ort dh’fheumadh thu an gabhail.
Nis, nuair a thoisich sinn ag obair ‘s e na balaich a bhiodh a’ toirt a nuas a’ sgadain anns na bascaidean thugainn agus bhiodh iad dha chuir a’ bhucas mhòr. ‘S e “farlair” a bhiodh aig na balaich air. Bha iad a’ lionadh na bucais sin le sgadan agus bha fear de na cùbairean a cuir salainn air mar a bhiodh iad a’ tighinn a steach às na barailean. Nuair a bha sinn a Sasuinn bha seòrsa do bhascaidean ann – is e “swells” a bh’aca orra ach ‘s e barailean mòra a bhiodh iad a dèanamh air a son -beul mòr leathain orra – dà bhascaid ga chuir do’n a h-uile barail. Cha robh càil orra airson an togail – bha iad a dol dhan a’ laraidh air an each – cha robh càraichean ann.
Cha robh sinn a beanntainn do’n a’ sgadan ach fear mar a thigeadh as. Bha iadsan a cuir salainn air uachdar nuair a bha e a tighinn a steach – cha robh an còrr a dol air anns a’ bhucas gun toireadh iad a mach fear mu seach aca. Cha robh mise cho math air cutadh ri càch agus sguir mi dheth, sin bu choireach gun deach mi ‘na mo phacair. Bhiodh triùir againn anns a “chrew” – dà chutair agus mi fhein a’ pacaigeadh. Bha sinn a toirt às a1 chaolain mhòir ‘s ga thilgeal do bhucas ‘s bha sinn a’ cuir a1 sgadain air leth – feadhainn rnhor, ‘s feadhainn mheadhanach, ‘s feadhainn bheaga – ‘s ann as t-Sàmhradh a bhiodh sinn a’ dèanamh sin. Bha sgadan “Brand” ann as t-Sàmhradh, bha “brand” a’ dol air oir bhiodh na màighstearan a faighinn barrachd air, ach bha àm den bhliadhna bha rud anns a’ sgadan a bha ‘gha mhilleadh mar a tugadh iad as e – ‘s e “black bag” an t-ainm a bh’air – bulg mar pile nan caoraich.
Bhiodh sinn ag obair gu sguireadh a’ sgadan ged a bhiodh e dà-reug ach bhiodh sinn a sguir aig naoi uairean airson ar breacaist agus a rithist aig uair airson ar diathad – a rèir ‘s mar a bhiodh a’ sgadan. Chan fhaodadh sinn an sgadan fhagail ma bha “yard” fosgailte ann agus as t-Sàmhradh an comhnaidh oir dh’fhalbhadh na faoilleagan leis. Dh’fheumadh sinn am “bottom tier” a bh’anns a’ bharail a shealltainn do na màighstearan agus bhiodh sin ga’r cumail air ais uaireanan nam biodh sinn aig ceann shios a “chrowd”. Bhiodh sinn ag eigheachd “bottom tier!” agus dh’fheumadh esan an tier sin fhaicinn airson dèanamh cinnteach gu robh a mionach an àirde gu leir – ‘s e taobh a mhionaich a bhiodh a dol an airde dhe’n sgadan. Bha a h-uile sreath a dol an aghaidh ‘s mar a bha an tè a bha fodha. ‘S iomadh latha fhuair mise, “These big paws of yours”.
‘S e tubanan a bha leis a1 sgadan a bha iadsan a cuir a mach le rop anns gach taobh dhiomh. Bhiodh triuir againn a’ falbh leis an dà thuba – duine anns a’ mheadhon ‘s duine air gach taobh agus ‘ga dhoirteadh d’an tuba mhor – bha an tuba sin glè throm. Uaireannan nam biodh an sgadan air dòigh ‘s gum biodh e “mixed” bhiodh tìde gu leòir aig a’ phacair an uairsin ach mar a biodh ach beagan sheòrsachan, beagan “selection” mar gun canadh thu, bhitheadh an pacair an uair sin air a mhurt le cus anns an tuba gu faigheadh e sìos bideag. Bha pacairean gann oir bha an obair cho duilich ach ‘s e nach robh mise cho math air cutadh ri càch bu choireach gun deach mi ann. Cha robh an “art” agamsa a bha mi a’ faicinn aig torr ‘s cha bu chaomh leam fuireachd aig a sin. Cha d’thuirt iad a riamh gu robh mi math na dona air pacadh – ‘s fhad a chitheadh iad mi!
Dh’fheumadh sinn eigheachd “Barail” nuair a bhitheadh a fear sin deiseil agus bhiodh iadsan ag cur an “date” ‘s an “number” agamsa air tòin a’ bharail agus a toirt dhomh fear eile. ‘S fhada thug mi fhein agus “Long” – Catriona Thonga agus Mairi Dhonnachadh Dhòmhnaill còmhla ri chèile – thug bliadhnaichean nam bliadhnaichean.
Bha na cùbairean a cuir ceann anns na barailean aig a’ chiad lionadh agus ‘gan cuir air an cliathaich – “tier” air muin a chèile dhomh airson laithean, Bha iad an uairsin ‘ga fosgladh, ‘gan togail an àirde agus a’ toirt tòll anns a’ chliathaich aca airson a’ phiceal a thoirt asda. Bhiodh iad a lionadh a’ bharail an àirde a rithist leis a’ phiceal. ‘S e a’ phiceal a bheireadh iad às a chuireadh iad ann a rithist fhads a sheasadh i. Chuireadh an fheadhainn sin a bha a’ lìonadh na barail a rithist air a cliathaich i agus dh’fhaithnicheadh iad air buile an òrd an robh e math gu leòir.
Bhitheadh iad ‘gan tionndadh dà uair mus cuireadh iad air a’ steamar iad. ‘S e an ath-lionadh agus an treas lionadh a chanadh iad ris a sin. Bha iad an uair sin a seasamh air a’ cheann le an casan gus an cuireadh iad sios e gu’n a “mhark” a bh’air a’ bharail – sios gu’n a ghearr. Bha iad ‘gha dhunadh ‘s bha clobhda agus “blacking” mar a chanadh sinne ‘ga chuir air le brand aig ceann a’ bharail. Bha rud iarunn air le toill ann ‘s an “trademark” air a sin.
Bhiodh sinn fhein ‘s na cubairean gan stacadh an àirde, mise air an darna ceann, tè eile air a cheann eile agus dà chùbair far am biodh a “yard” cho beag ‘s nach deanadh e a chuis “spreadadh”. Cha robh a h-uile duine a dol a sàs ann idir, ach cha robh sinn a faighinn “thank you” airson sin a dhèanamh – cha robh iad a leigeil oirre gu robh sinn ann.
Bhiodh sinn a faighinn naoi sgillin airson a’bharail a’ lionadh eadar an triùir againn agus trì sgillin ‘s an uair. Nuair a bheirinn a muigh fad an latha bho shià gu sià ‘s e leth chrun a bh’agam. ‘Sin am paigheadh a bh’ann fhads’ a bha mise ri dol a mach. B’fheàrr leam-sa crùn an uair sin na nòta an duigh. Nan deanain deich nòta fichead anns an dà sheasan eadar Sealltainn agus Sasuinn agus an Sàmhradh channain gu robh mi glè bheartach – na faighinn deich nòtaichean air mo cheann fhein an uair a thiginn dhachaidh an dèidh an airgead a roinn. Bhiodh sinn a faighinn deich tasdan anns an t-seachdainn airson ar biadh bhon an duine – a’ màighstear. Cha robh sinn a faighinn “tip” na càil a riamh ach ‘s dòcha dha neo trì sgadainn as a1 bhucas airson am bruich. Dh’fhaodadh sinn sgadan sam bith a thoirt leinn – bha na cùbairean ‘s iad sin glè mhath dhuinn.
Bhiodh sinn sgith uaireannan ach an deidh sin cha bhiodh e fada a’ falbh nuair a chadaileadh sinn. Bhiodh sinn a dol do’n eaglais air Là na Sabaid ‘s bha “missionairidh” à Càrlabhadh againn nuair a bha mi a Stransea agus ‘s e “whitag ministear” a thug na cùbairean air nuair a bhiodh e a tighinn gu na tè oir bha an t-uamhas de chaoiteagan ann a Sealltainn. Bhiodh na balaich a tighinn a steach a choimhead oirnn air Di-Sathuirne. Cha bhiodh iad air tìr ach air Di-Sathuirne.
Bha mi ann a Sealltainn, a Stransea ann an Ceann Phadruig trì bliadhna, a Lowestoft. Bha mi ann a Yarmouth grunn thurais, ‘s ann an Galston, mu choinneamh Yarmouth – mu dha mìle à Yarmouth. Bha “tram car” a dol agus bhon a bha an airgead cho gann bho “half-way” air le sgillig as a mhìle agus bhiodh sinne a coiseachd ‘s sinn cho aotrom “half-way” ‘s a dol dhan a chàr an uair sin a null a Yarmouth a dh’iarraidh rudeiginn. Nuair a bhiodh sinn a dèanamh aodach Sabaid ‘s ann a Yarmouth a bhiodh sin dha dheanamh – “costumes” agus “dreasachan”.
Cha robh guth air fuachd – ‘s e bhiodh againn “obraich mar do bheatha ‘s blathaich thu fhein”. Bha sinn a faighinn pailteas bidhe – cha robh dith sam bith oirnn mar sin. Nuair a bhiodh sinn a stigh dh’fheumadh sinn gu leir – ged a bhiodh an “orderly” ann – an tigh a ghlanadh ‘s a nighdaireachd a dhèanamh – tè mu seach -bhiodh i ag eiridh a dhèanamh sin a cheart cho inntinneach.
Bha sinn uaireiginn aig ciùrear – ‘s e Archer a bh’air agus bhiodh sinn a dol chun a “quay” ann a làraidh – each leis na barailean salainn n’ar cois agus bha am bata ris a “quay”. Bha a sgadan a tighinn ‘s ‘ga chuir do na bucais mhora a bh’aca dha toirt sìos agus a h-uile sgadan a dol dhan a bharail gun a chutadh agus cha robh aon a dol dhan a’ bharail ach air aon thaobh.
Dh’fhaodadh thu na thogaireadh thu do shalainn a chuir air agus bha sinne cuir poca mu bheul a bharail agus cearcal. Bha e an uair sin air a chuir do’n a steamar ‘s bha i a falbh leis. Sin an aon uair a chunnaic mise a bhith ‘ga dhèanamh mar sud.
‘S e miorbhail mor gu bheil cuimhne aig daoine air na rudan a bh’ann an uair sin. Ach cha deach càil den obair a bhiodh mi a dèanamh às mo chuimhne. Nam biodh a bhodhaig ann dhèanainn an duigh a h-uile càil a bha mi a dèanamh ann a shin.