Bagh Ciarach: ‘Se nighean mo ghaoil

The spirit of one of the murdered men from Mealista came to the bedside of his sweetheart and he sang to her the verses of this song – trying to explain to her what a cruel fate had overtaken them.

‘Se nighean mo ghaoil
An nighean donn òg,
Nam bithinn ri taobh
Cha bhithinn fo leòn.

Tha m’ chuideachd am bliadhna
‘G a m’ shireadh ‘s ‘gam iarraidh,
‘Sa tha mis’ am Bàgh Ciarach
Aig iochdar an loin.

Tha fearaibh na Pàirce
Air tomhadh na lamh-thuagh,
Ach ‘s e sinne bhi gun thàbachd
Dh’fhàg iadsan gun leòn.

Bha Donnachadh ‘g am fhaire,
Fear-siubhal nam beannaibh;
Tha saoghal ro-charach,
‘S gur mealladh an t-òr.

‘S ann-dìreadh na bruthaich
A chaill mi mo lùths,
‘S fo leacan an Rubha
Tha ‘m Fear-Buidhe ‘g a leòn.