Gur tric mi an diugh a’ cuimhneachadh
A song of the people of Geshader, by Norman Macleod, Am Bàrd Bochd, who was headmaster at Lochcroistean from 1936 to 1943.
Gur tric mi an diugh a’ cuimhneachadh
Air suinn bha leam ann uair,
An duinealas ‘s an aoighealachd,
An abhachas gun fhuath;
An t-Ileach seòlta àmhailteach
‘S Macneill na bheachd cur ruaig
Air a Lion shìos an Gràsabhaig
‘S air Pàdraig a’ Ghlinne Ruaidh.
Gur tric mi leis a’ Choisich
Chon nan creagan bheirinn sgrìob
Cho sèimh na chainnt ‘s na dhòighean rium
Ri teachdaireachd na sìth;
‘S a’ tilleadh gu a dhachaigh leinn
An t-iasgach lom no làn
Bhiodh làmh-gun-dearmad Mhàiri
Gar fàilteachadh le gràdh.
‘S tha Aonghais còir air triall uainn
An nàbaidh bha dhomh dlùth
Fear èasgaidh sgileil dèanadach
Na ghnìomharan ‘s na chliù;
‘S ma thadhaileas mise chaoidh rim bheò
Blàth-aitreabh air a raon
Bith tathasgan a shòlasan
Tighinn beò dhomh air gach taobh.
Is ged tha cuid de m’ nàbannan
Gun àite an seo nam dhuan,
Tha ‘m conaltradh ‘s an geur-chainnte
Ri g èirigh tric nam smuain
Is fhad s a mhaireas làithean rium
Is cuimhn’ an àite tighinn beò
Bidh ‘n càirdeas caomh ri deàlradh dhomh
Mar reul nan àrd nan glòir.