Banais Una

[audio:banais una RB finlay.mp3]

Verses written by Norman “Conter” Macleod, am Bard Bochd and for many years headmaster at Lochcroistean, on the occasion of the marriage of Agnes Smith, Lochcroistean, to Kenny Maclennan, 15 Kneep.  It was sung at the wedding by Kenny Dan Smith, 2 Ungeshader; and the reading here is by Finlay Maciver Carishader (click the arrow).

O, nach sinne fhuair an t-urram
Bhon a’ chruinneig uasal bhòidheach,
Thog ar cridhe le a cuireadh
Bhith ‘na cuideachd aig a pòsadh.

Sàr nam beannachd air a’ mhaighdinn
Thog ar n-inntinn suas gu àirde,
Leis an smuain bha dhuinn cho aoibhneach
Gu bheil cuimhn’ oirnn anns na Bàghan.

Mi bhi thall an cois do phòsadh
‘S mi gu’n òladh deoch do shlàinte,
Measg an t-sugraidh is an t-sòlais
Le na seòid bha riamh rium càirdeil.

‘S mor an danns bhios air do bhanais
Nuair a chruinnicheas cruinn na càirdean;
Co a chas nach tugadh breab aist’
Ris a’ cheòl tighinn bhon a “bhand” so.

‘M Brace le peile cluiche druma;
Piob nan dos air gualainn Phadruig;
Lyon le cir-mhin is paipeir;
‘S feadag sgillig air ‘An Màsach.

Glagan naoidhein aig Iain Dhomhnuill;
‘N Giblean le trumb ùr ‘na chàireas
Seonaidh anns a’chùil le Bugle;
‘S port air Banjo bhon an Tàileach.

Fionnlagh Alasdair le fidheall;
Coinneach Ruadh toirt ceòl a spàinean;
Domhnull ‘An Ghillies le it-fhitheach;
‘S an Crown a’ cumail “time” le làmhan.

‘S mise thilgeadh dhiom gach mulad,
Guidhe sòlas dhuibh is slàinte,
Gràdh is àgh bhith gnath ‘nar cuideachd
‘S lionmhorachd gun chrioch ‘san àl dhuibh.